Skip to content

DLP Eadar-Theangachadh Gàidhlig

Tha an Duais Leasachaidh Phroifeiseanta (DLP) ann an Eadar-theangachadh Gàidhlig aig SCQF Ìre 11 na teisteanas SQA a’ dèiligeadh ri sgilean sònraichte ann an eadar-theangachadh agus ann an leasachadh coileantachd mar eadar-theangair proifeiseanta.

Tha an teisteanas seo air a leasachadh ann an com-pàirteachas le institiudan foghlaim adhartach agus àrd-ìre, luchd-fastaidh agus gnìomhachasan.

Tha an DLP Eadar-theangachadh Gàidhlig a’ freagairt orrasan a tha ag obair cheana mar eadar-theangairean is iad airson tuilleadh leasachaidh a dhèanamh air an eòlas, sgilean agus cleachdadh.

Gheibhear fiosrachadh nas mionaidiche air làrach-lìn Shabhal Mòr Ostaig. Airson barrachd fiosrachaidh mu shusbaint a’ chùrsa agus mar a chuireas sibh a-steach air a shon, cuiribh fios gu:

Historical translation resources in the library at Sabhal Mòr Ostaig
Historical translation resources in the library at Sabhal Mòr Ostaig

Taing do ar luchd-taic:

© Comunn nan Eadar-theangairean Gàidhlig 2025