’S e coimhearsnachd phroifeiseanta a th’ anns a’ Chomann do dh’eadar-theangairean a tha ag obair sa chànan. Tha An Comann a’ taisbeanadh obair eadar-theangairean agus an sàs ann a bhith a’ leasachadh ghoireasan airson na feadhna a tha airson eadar-theangachadh a dhèanamh mar dhreuchd.
Faodaidh An Comann cuideachd taic a thoirt do bhuill a tha airson bathar-bog Trados a chleachdadh nan cuid obrach.
Tha am pròiseact air a stiùireadh le Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta airson Cànan agus Cultar na Gàidhlig.
Le taic bho Bhòrd na Gàidhlig.
Tha fiosrachadh anns an stòr-dàta againn mu na seirbheisean eadar-theangachaidh a tha air an toirt seachad leis na buill againn.
Ma tha ùidh agaibh a bhith nur ball den Chomann, nach cuir sibh iarrtas thugainn. Chan eil cosgais ann airson tagradh a chur a-steach no a bhith nur ball.
Mar bhall, bidh sibh an sàs le coimhearsnachd proifeiseanta, a’ faighinn buannachd à eòlas agus sgilean eadar-theangairean eile. Bidh tachartasan air an ruith leis a’ Chomann, le cothroman dha buill tighinn còmhla. Bidh buidhnean agus companaidhean a tha a’ sireadh sheirbheisean eadar-theangachaidh comasach air ur lorg tron làraich-lìn againn.
Cuiribh iarrtas a-steach an seo, mas e bhur toil e.
Buill a’ Bhùird-stiùiridh:
- Iain F MacLeòid – Manaidsear Pròiseict às leth Shabhal Mòr Ostaig.
- Alasdair H. Caimbeul – Eadar-theangair Proifeiseanta
- Greg MacThòmais – Eadar-theangair Proifeiseanta
- Iain Mac a’ Phearsain – Eadar-theangair Proifeiseanta agus Ceannard a’ Chùrsa DLP (Eadar-theangachadh Gàidhlig) aig Sabhal Mòr Ostaig.
Cùrsaichean Eadar-theangachaidh
Tha an Duais Leasachaidh Phroifeiseanta (DLP) ann an Eadar-theangachadh Gàidhlig aig SCQF Ìre 11 na theisteanas SQA a’ dèiligeadh ri sgilean sònraichte ann an eadar-theangachadh agus ann an leasachadh coileantachd mar eadar-theangaiche proifeiseanta. Leugh
Bathar-bog Eadar-theangachaidh
’S e bathar-bog eadar-theangachaidh a th’ ann an Trados, ann am Beurla – bathar-bog CAT. Leugh …
